An Dealbh Mòr

Bha An Dealbh Mòr na phròiseact ealain is coileanaidh ann an Gàidhlig is Beurla, air a ruith le clann Lasair Ealain còmhla ri Julie Brook (prìomh neach-ealain) agus Catrìona NicLèoid (neach-ealain Gàidhlig/An Tuireann) agus sgioba de luchd-ealain à Bun-sgoil Shlèite agus Sgoil-Àraich Shlèite. Bha An Dealbh Mòr a’ dèanamh fèill air cruth-talmhainn ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.

Eadar An Giblean is An Damhair 2005, chaidh sinn a-mach a h-uile seachdain timcheall na sgìre còmhla ris an luchd-ealain, Julie is Catrìona no Sarah Jane Nic an t-Saoir, gus dealbhan a tharraing de chruth na talmhainn nar leabhraichean.

Thilleamaid dhan sgoil, an uair sin, is dhèanamaid dealbhan mòra (meud A1) le gual-fhiodh às na dealbhan nar leabhraichean.

Nuair a dh’fhàs sinn math air a bhith a’ tarraing dhealbhan, thòisich sinn a’ cleachdadh dathan-uisge nar leabhraichean is air a’ phàipear A1, is sinn ag ullachadh mu choinneimh deilbh a bha gu bhith tòrr na bu mhotha.

Bha taisbeanadh eadar-ama soirbheachail againn le cuid de na dealbhan seo san Tuireann. Chùm Lasair Ealain seisean-oideachaidh gus na ionnsaich sinn fhèin a theagasg do dhaoine eile is thug sinn a-mach iad latha airson dealbhan a tharraing. Chaidh iarraidh oirnn seo a dhèanamh a-rithist a chionn ’s gun do chòrd e cho mòr ri daoine!

Aig toiseach na Samhna 2005, rinn sinn dealbh mòr (3m le 5m) le gual-fhiodh. A’ cleachdadh na bha nar leabhraichean, rinn sinn cumadh de cheann a deas an eilein, a’ gabhail a-steach nan àiteachan air an do thadhail sinn. Cha robh sinn ach trì latha ris an obair!

San t-Samhain agus san Dùbhlachd 2005, dh’obraich sinn gu dripeil (3 latha san t-seachdain) air an dealbh mhòr - toradh na h-obrach uile gu ruige sin. Le 14m a dh’fhad is 9m a leud ann, bha e na bu mhotha na an talla fhèin!

Chan fhaigheadh sinn a dh’obair ach air earrannan dheth, ga roiligeadh air ais ’s air adhart air pìoban fada.

Cha robh sinn fada ag ionnsachadh mar a chleachdadh sinn peant acriolaig. Mheasgaich sinn le meadhanan eile e is rinn sinn fo-dhathan dheth le còtaichean soilleir, blàth a bheireadh inneach is doimhneachd dhan dealbh.

Sheall an taisbeanadh aig Sabhal Mòr Ostaig an dòigh a bh’ againn air an obair bho thùs gu èis! Bha dealbh aig gach duine againn ann am frèam air a’ bhalla - feadhainn leis an luchd-teagaisg nam measg.

Eadar Am Faoilleach ’s am Màrt 2006 dh’obraich sinn còmhla ri ar stiùiriche-carachaidh, Clare Pençak, ar neach-sgrìobhaidh ciùil, Piers Hellawell, agus an luchd-ealain eile.

Thug an obair againn cunntas geòlasach air mar a thàinig an t-Eilean Sgitheanach gu bith. Leisgeul fìor mhath a bha seo dhuinn a bhith a’ sealltainn nan spreadhaidhean bholcànach a chruthaich An Cuiltheann. Rachadh An Dealbh Mòr a shìneadh a-mach air an ùrlar ann an seòmar-ithe an t-Sabhail Mhòir, colaiste Ghàidhlig an Eilein a tha an ath-dhoras dhuinn. Dhèanadh sinne ar cluiche air an Dealbh Mhòr fhèin - an luchd-amhairc shuas os ar cionn a’ coimhead sìos.

Còmhla ri Claire, chleachd sinn an dealbh fhèin agus beachdan às ar leabhraichean-dhealbh gus gluasad agus dannsa a chruthachadh.

Chuidich Piers sinn a’ cruthachadh fhuaimean agus ceòl innleachdach le innealan-ciùil, le ar guthan agus le rudan o muigh a leithid chlachan agus bhocsaichean-èisg (“an splangaid”, man tuirt e fhèin!).

Sa Mhàrt thug sinn a h-uile càil còmhla ann an còig cuirmean poblach agus thàinig iad nan dròbhan a choimhead oirnn.